Deasbad mu mheadhan Phort Rìgh

Tha deasbad a' leantail san Eilean Sgitheanach air dè bu chòir tachairt le Ceàrnag Shomhairle ann am meadhan Phort Rìgh agus buidheann ùr ag iomairt airson ùrachadh agus leasachadh mòr a thoirt oirre; le àite-cruinneachaidh a stèidheachadh far a bheil àiteachan-parcaidh an-dràsta.

A dh'aindheoin 's gu bheil na mìltean mòra a' tadhal air Port Rìgh gach bliadhna, tha dragh air a bhith ann fad ùine mhòr gu bheil meadhan a' bhaile ann an staid a tha truagh agus nach eil e idir goireasach do mhuinntir an àite neo do luchd-tadhail. Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid …