An t-ionnsachadh òg

Dhùin a mhòr chuid de sgoiltean air feadh Alba feasgar an dè agus cha thill iad a-nis chun an ochdamh làtha deug den Fhaoilleach, aig a char 's traithe.

Tha cha mhòr seachdain a bharrachd de làithean-saora agus seachdain de theagasg aig an taigh romhpa mas till iad dhan a' sgoil fhèin.

Fhuair Màiri Riddoch beachd bho aon phàrant san Eilean Sgitheanach mu bhith a' dol air ais gu ionnsachadh aig an taigh.