Banachdach ga toirt seachad an Alba

Aig toiseach na seachdain seo bha còrr is 100,000 Albannach air a' chiad dòs fhaighinn de bhanachdach Pfizer.

Tha Riaghaltas na h-Alba airson 's gun tèid a thoirt dhan h-uile duine a tha nas sine na 50 bliadhna a dh'aois, neo a tha gu sònraichte feumach air, ron Cheitean.

Seo am fear naidheachd poileataigeach againn, Darren Linc.