Naidheachdan 11:00m

Rannsachadh Covid-19

Fhuair rannsachadh ùr gur e dìon airson mu chòig mìosan, air a' char as giorra, a tha aig a' mhòr-chuid an dèidh do Chovid-19 tighinn orra. Tha luchd-rannsachaidh ag ràdh gu bheil dìon mu 83% a bharrachd air feadhainn air an robh am bhìoras seach feadhainn nach do ghabh e. Ach tha na h-eòlaichean ag ràdh gu bheil corra dhuine air an tig an galair an dàrna turas agus gum faod iad sin a' bhith a' truailleadh dhaoine eile.

Barraigh

Tha NHS nan Eilean Siar a' toirt comhairle air muinntir Bharraigh nach bu chòir dhaibh an dachaigh fhàgail gun deagh adhbhar sin a dhèanamh. Tha sin an dèidh dearbhadh bhon Bhòrd Slainte an-raoir air deich cùisean a-nis dhen bhìoras anns an sgapadh ann am Barraigh. Chaidh seachd cùisean ùra a dhearbhadh an-raoir agus tha aon chùis eile ann am Beinn na Fadhla.

Maorach

Bidh còig là eile ann air a' char as giorra, mus tèid iasg no maorach às Alba dhan Roinn Eòrpa. Sguir a' chompanaidh a tha a' giùlain a' chuid is motha den iasg, DFDS, a' tarraing an èisg an t-seachdain seo chaidh le maill mhòr air obair pàipeir aig puirt na Frainge. Tha deasbad air a' chùis ann an Taigh nan Cumantan an-diugh.

Oileanaich

Tha Comann Oileanach na h-Alba a' sgrìobhadh gu Nicola Sturgeon ag iarraidh tuilleadh taice le buaidh a' Choròna-bhìorais air am bith-beò. Tha iad ag iarraidh leudachadh air na sgeamaichean cobhair agus airgead air ais mu choinneimh na tha iad a' pàigheadh ann am màl air togalaichean anns nach eil iad a' fuireach an-dràsta. Tha an Comann ag ràdh gu bheil e a' sìor fhàs doirbh do dh'oileanaich cosnadh fhaighinn le buaidh a' bhìorais air an eaconomaidh.

Trump

'S e Dòmhnall Trump a' chiad cheann suidhe riamh anns na Stàitean Aonaichte a chaidh a chasaideachadh an dàrna turas an dèidh bhòt ann an Taigh nan Riochdairean a cho-dhùin gun do phiobraich e an ionnsaigh air togalach a' Chapitol ann an Washington an t-seachdain seo chaidh. Chuir deichnear sa phàrtaidh aige fhèin, na Poblachdaich, taic ri gluasad nan Deamocratach an aghaidh Mhgr Trump. 'S e cùirt anns an t-Seanadh an ath-cheum anns a' phròiseas.

Sneachd

Tha poilis ag iarraidh air daoine ann am meadhan agus ceann a deas na h-Alba gun siubhal mura h-eil èiginn ann agus sneachda trom a' fàgail chùisean doirbh air na rathaidean. Bha an A9 aig Dùn Bhlàthain dùinte ach tha pàirt den rathad fosgailte an sin a-rithist. Tha sneachda trom cuideachd air pàirtean den M90, an M8 agus an M77.

Air fhoillseachadh