Taic coimhearsnachd san Eilean Sgitheanach

Thuirt buidheann san Eilean Sgitheanach gu bheil iad air tòiseachadh a-rithist ri cuideachadh a thoirt do dhaoine a tha feumach air, gu h-àraidh do dhaoine nach fhaigh a-mach air adhbharan slàinte is seann aois.

Chaidh Skye Community Response a stèidheachadh an-uiridh aig toiseach a' chiad lockdown, agus ged nach eil iad an-dràsda a' faicinn gu bheil na h-uiread feumach air taic sa bha an uairsin, tha e coltach gu bheil sin ag atharrachadh.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.