Cothrom stoc a cheannach air-loidhne

Dh'innse a' chompanaidh as motha a tha a' reic crodh is caoraich ann an Alba gum bi cothrom aig daoine stoc a cheannach air-loidhne ann an ùine nach bi fada.

Thuirt United Auctions gum bi sin ri fhaotainn airson fèilltean sònraichte. Cha bhi iad ga dhèanadh airson fèilltean uan anns na h-eileanan.

Tha an naidheachd a' tighinn agus a' chompanaidh ANM ag innse gu bheil fèill mhòr air a bhith air ceannach air-loidhne bhon a thòisich am pandemic.

Tha tuilleadh aig Eileen NicDhomhnaill.