Naidheachdan 11:00m
Dh'èirich àireamh a' bhàis le Covid-19 anns an Rìoghachd Aonaichte os cionn 100,000 a rèir nam figearan as ùire bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta. Chaidh 7,776 bàs a chlàradh air an t-seachdain dhan 15mh den mhìos seo a' toirt na h-àireimh gu lèir gu faisg air 104,000.
Tha e coltach gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air planaichean a bheireadh air luchd-siubhail a thigeadh dhan dùthaich a dhol ann an cuarantain ann an taigh-òsta. Bhiodh sin do dhaoine a bhiodh a' siubhal à dùthchanan far am bheil dragh mu sheòrsachan ùra nas cunnartaiche den bhìoras. Tha dùil ri fios an-diugh mu phlanaichean den aon t-seòrsa ann an Sasainn.
Thuirt an t-Aonadh Eòrpach gur dòcha gun cuir iad smachd air na tha iad a' cur de bhanachdach Covid a-mach gu dùthchannan eile, rud a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air an droga Pfizer/Biontech ann am Breatainn. Tha sin an dèidh dhan chompanaidh AstraZeneca, a tha a' dèanamh banchdaich ann am Breatainn, innse nach urrain dhaibh cumail ris na gheall iad de bhanachdach dhan EU. Thuirt Nadhim Zahawi, am ministear ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a tha os cionn sgaoileadh na banachdaich, gu bheil e gu math cinnteach gum bi gu leòr den a h-uile banachdach ann am Breatainn.
Tha eòlaichean den bheachd gu bheil figearan na cion obrach nas miosa na tha na h-àireamhan oifgeil ag ràdh. Bha 1.72 millean duine gun obair ann am Breatainn ro dheireadh mìos na Samhna agus ìre a' chion chosnaidh ag èirigh gu 5%. Ach chan eil àite sna figearan sin dhan 4.5m de luchd-obrach a tha air fòrladh an-dràsta. Thuit an àireamh ann an Alba a bha gun obair agus a' sireadh cosnaidh sna trì mìosan mu dheireadh an-uiridh. Bha an àireamh sìos mu 1,000, gu 123,000, aig àm nuair a chaidh bacaidhean a' choròna-bhìorais a thogail eadar an t-Sultain agus an t-Samhain.
Chuir an t-aonadh Prospect taic ri ball nan Eilean Siar ann an Westminster a tha ag iarraidh coinneimh èiginneach a dheasbad planaichean HIAL son seirbhisean iùil nam plèanaichean air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan a chur còmhla ann an Inbhir Nis. Dh'iarr Aonghas Brianan MacNèill coinneamh eadar Riaghaltas na h-Alba, HIAL, na h-ùghdarrasn ionadail, an t-aonadh Prospect agus Ùghdarras Catharra nan Seirbheisean Adhair agus esan mì-thoilichte gun do dhiùlt Riaghaltas na h-Alba gu ruige seo gnothach sam bith a ghahail ri dragh mu na planaichean.