Naidheachdan 11:00m
Cuarantain
Thuirt Rùnaire Slàinte na Rìoghachd Aonaichte, Matt Hancock, gu bheil e deònach bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba mu bheàrn ann an riaghailtean cuarantain. Bho mhadainn an-diugh tha tighinn air a h-uile duine a thig a-steach gu port-adhair Albannach ri cuarantain a dhèanamh airson 10 là ann an taigh-òsta. Ach tha dragh ann mu laigse san t-siostam, leis nach fheum feadhainn a thig a-steach a Shasainn cuarantain ann an taigh-òsta a dhèanamh ach ma tha iad air siubhail à dùthaich a th' air liosta air a bheil 30 dùthaich. Tha Rùnaire Còmhdhail na h-Alba, Mìcheal MacMhathain, ag iarraidh ghoireasan cuarantain ann an Sasainn do luchd-siubhail a th' air an t-slighe a dh'Alba.
Dùn Èideann
Thuirt Port-Adhair Dhùn Èideann nach eil a-niste cho fada 's is fios leotha ach triùir luchd-siubhail air plèana às an Tuirc ris a bheil dùil ann an Dùn Èideann an ceartuair. Thuirt fear-labhairt a' phuirt-adhair gun do cho-dhùin na h-uimhir nach biodh iad a' siubhal à Port-adhair Istanbul an dèidh dhaibh cluinntinn mu na riaghailtean cuarantain a bhiodh romhpa ann an Alba.
Banachdach
Bu chòir gum biodh ro dheireadh an là an-diugh a h-uile duine nas sine na 70 an Alba, agus feadhainn a th' ann am fìor chunnart gu clionaigeach bhon Choròna-bhìoras a bhith air a' chiad dòs den bhanachdaich fhaighinn. Fhuair gu ruige seo 1.2m duine an Alba a' chiad dòs. Ach tha Riaghaltas na h-Alba an dùil gun tig beagan maill air a' phrògram airson ùine a dh'aithghearr leis nach bi uimhir de bhanachdaich ri fhaotainn.
Miànmar
Tha an t-arm a tha a' riaghladh ann am Miànmar a' maoidheadh pheanasan cruaidh air daoine a sheasas nan aghaidh. Tha cho fada ri 20 bliadhna sa phrìosan ga mhaoidheadh air feadhainn a tha ag iomairt air na sràidean bho bha coup armaichte ann bho chionn cola-deug.
Àranais
Chuir a' bhuidhinn iomairt Action for Arnish fàilte le faiceall air dearbhadh na t-seachdain seo chaidh gun deach Gàrradh Àranais a ghabhail thairis. Tha a' chompanaidh InfraStrata air an làrach ann an Leòdhas is Gàrradh Methil ann am Fìobha a cheannach a-mach à rianachd. Thuirt Action for Arnish agus Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad airson barrachd fhaighinn a-mach mu phlanaichean InfraStrata.