Naidheachdan 11:00m

Clachan Mìle

Bidh fiosrachadh aig Nicola Sturgeon feasgar mu na "clachan mìle" mar a th' aice fhèin orra, gu ruige slighe iar falbh bhon Ghlasadh-sluaigh. Innsidh i do Phàrlamaid na h-Alba dè na deataichean a th' aice san amharc airson diofar phàirtean de na riaghailtean a thogail. 'S iad deataichean, ged nach biodh annta ach tomhas, rud a tha na pàrtaidhean dùbhlanach air a bhith ag iarraidh.

AstraZeneca

Tha Buidheann Slàinte na Cruinne a' coinneachadh an-diugh a dheasbad sàbhailteachd na banachdaich Covid aig Oxford AstraZeneca, agus 11 de na dùthchannan Eòrpach - an Fhraing, a' Ghearmailt an Eadailt agus an Spàinn nam measg, a' cur stad oirre, 's iad ag ràdh gu bheil i na cunnart, agus gu bheil i a' fàgail chnapan anns an fhuil. Tha Riaghladair Medicine na Rìoghachd Aonaichte, agus Buidheann Slàinte na Cruinne, ag ràdh nach eil fianais sam bith ann air sin.

Srataidsidh Chèin

Tha Boris Johnson a' foillseachadh poileasaidh ùir an-diugh agus eòlaichean ag ràdh gur e an gluasad as motha ann na srataidsidh chèin agus dìon Bhreatainn bho bha an Cogadh Fuar ann. Tha an t-ath-sgrùdadh, an dèidh Bhrexit, a' gluasad gu ruige dùthchannan na h-àirde an ear, mar na h-Ìnnseachan, Iapan agus Astràilia. Tha an aithisg a' coimhead cuideachd air cur ri stoc Bhreatainn de dh'urchairean niuclasaich.

Diùc Dhùn Èideann

Chaidh Diùc Dhùn Èideann a leigeil dhachaigh sa mhadainn an-diugh an dèidh ùine ann an Ospadal an 7mh Rìgh Eideard ann an Lunnainn far an deach e fo obair-lannsa air a chridhe. Bha am Prionnsa Philip, a tha 99 bliadhna de dh'aois, fad 28 là eadar dà ospadal.

HIAL

Tha leudachadh air iomairt luchd-obrach aig Companaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean an aghaidh a' phlana airson seirbheisean iùil a chur còmhla ann an Inbhir Nis. Tha buill an aonaidh Prospect a' gluasad gu leithid uairean-obrach a bharrachd a dhiùltadh. Ged a tha HIAL ag ràdh gur e leasachadh is adhartas a th' anns a' phlana, tha dragh ann mu shàbhailteachd agus call-cosnaidh.