Buidseat Chomhairle na Gàidhealtachd

Chaidh buidseat Chomhairle na Gàidhealtachd aontachadh airson na bliadhna air thoiseach. Mar a tha fhios againn, chan eil a' bhliadhna mu dheireadh air a bhith coltach ri bliadhna sam bith eile agus mar sin, bha aonta thar-phartaidh ann gur e buidseat a bheir cuideachadh dhaibhsan aig an ìre as bunaitiche as cudromaiche. Tha an aithris seo aig Jenny Inglis.