Naidheachdan 11:00m
Càintean
Tha aonadh nam poileas ann an Alba ag ràdh gun tàinig àrdachadh air na tha air a bhith ann de phàrtaidhean agus cruinneachaidhean ann dachaighean dhaoine air feadh na dùthcha. Thug iad còrr air 2,000 càin san Fhaoilleach - an àireamh as motha ann an aon mhìos. Thuirt àrd-rùnaire Caidreachas Phoileas na h-Alba, Calum Steele, gur e adhbhar dragh a th' ann dha gur ann am miosad a theid cùisean fhathast.
Pàigheadh
Rinn na h-aonaidhean agus am Pàrtaidh Làbarach dubh-chàineadh air àrdachadh pàighidh 1% a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' moladh do luchd-obrach an NHS ann an Sasainn. Tha ministearan a' dol às àicheadh chasaidean Comann Meideigeach Bhreatainn agus Colaiste Rìoghail nan Nursaichean nach eil seo ag aithneachadh saothar luchd-obrach na slàinte tron phandemic. Ann an Alba, tha na h-aonaidhean cuideachd mì-thoilichte le àrdachadh eadar-amail de 1% dha nursaichean - air thoiseach air còmhraidhean susbainteach.
Busaichean
Cha bhi grunn de sheirbheisean bus Leòdhais agus na Hearadh a' ruith an-diugh agus cùisean ùra den choròna-bhìoras a' toirt buaidh orra. Dhearbh NHS nan Eilean Siar gu bheil am bhìoras air triùir às ùr ann an Leòdhas - agus gu bheil ceangal dachaigh ri cùis a dh'fhàg gum b'fheudar Bun-sgoil Steòrnabhaigh dùnadh 'son dà là.
Malairt
Thuirt an Coimiseanar Eòrpach le uallach airson an aonta malairt eadar an EU agus an Rìoghachd Aonaichte gu bheil an t-aonadh an ìmpis an riaghaltas a thoirt gu lagh. Tha mì-thoileachas sa Bhruiseal agus an Rìoghachd Aonaichte a' cur maill air sgrùdaidhean a thoirt a-steach air bathar a thig à Breatainn a dh' Èirinn a Tuath - aon de chumhachan an aonta.