Riochdachadh nan eilean

Tha athchuinge ga chuir air beulaibh na Pàrlamaid Albannaich a tha airson 's gum bidh riochdachadh eileanach air buidhnean poblach.

Tha na tha a tachairt le seirbhisean-iùil aig Puirt Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean a piobrachadh seo ach tha grunnan bhuidhnean eile san amharc acasan a th'air cùlaibh na h-athchuinge mar a tha Shona NicDhòmhnaill a-nise ag aithris.