Naidheachdan 11:00m

Comraich

Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Priti Patel, gun dèan a plana airson siostam comraich na Rìoghachd Aonaichte cobhair air feadhainn a th' ann am fìor èiginn, agus gun cuir e stad air buidhnean eucoireach. Thuirt i nach bi na h-aon chòirichean aig feadhainn a thig a Bhreatainn gu laghail ris an fheadhainn a nì sin gu mì-laghail. Tha buidhnean chòirichean daonna ag ràdh gu bheil an t-atharrachadh a' dol an aghaidh Cùnradh Nàiseanta an Luchd-siridh Comraich.

Pàrlamaid na h-Alba

Tha Eanraig Mac'illÌosa a bha na Phrìomh Mhinistear an Alba ag ràdh gum feum ath-leasachadh tighinn air Pàrlamaid na h-Alba an dèidh na connspaid poilitigich mu rannsachadh Ailig Salmond. Fhuair Nicola Sturgeon tro bhòt cion-earbsa an-dè, a thàinig às dèidh dà aithisg mun dòigh anns an do làimhsich Riaghaltas na h-Alba gearainean mu Mhgr Salmond. Thèid Ms Sturgeon a cheasnachadh an-diugh a-rithist aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir mus sgaoil a' Phàrlamaid airson an taghaidh anns a' Chèitean.

An Cuan a Tuath

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an dùil gum bi tolladh às ùr airson gas agus ola anns a' Chuan a Tuath ged a rinn iad aonta leis a' ghnìomhachas airson gluasad air falbh bho chonnadh fosail. Thuirt an Riaghaltas nach toir iad cead do tholladh às ùr mura cuidich sin le truailleadh an ìre mhath neodraidh ron bhliadhna 2050. Tha buidhnean glèidhteachais ag iarraidh casg gu lèir air tolladh às ùr.

Na h-Eileanan Siar

Thèid na h-Eileanan Siar sìos bho Ìre 4 gu Ìre 3 ann an riaghailtean Chovid bho a-nochd an dèidh nas lugha de chùisean ùra den bhìoras. Tha sin a' ciallachadh gum bi cead aig cafaidhean agus gruagairean fosgladh a-rithist.

Guth nan Siarach

Tha buidheann iomairt ùr air a bheil Guth nan Siarach ag ràdh gum feum an Riaghaltas innse an tèid urras Gàidhlig a stèidheachadh airson an cànan a neartachadh anns na sgìrean traidiseanta. Bha am moladh sin anns an leabhar "The Gaelic Crisis in the Vernacular Community" a chaidh fhoillseachadh an-uiridh. Tha Guth nan Siarach ag ràdh nach eil an taic a th' ann an-dràsta a' dèiligeadh idir ris an staing sa bheil a' Ghàidhlig, 's tha iad ag iarraidh gealltanas bho phàrtaidhean poilitigeach na h-Alba uile gun aithnich iad gu bheil na sgìrean traidiseanta feumach air cuideachadh sònraichte.