Na h-Eileanan an Iar ann an Ìre a Trì
Tha na h-Eileanan an Iar a-nis ann an ìre a trì de bhacaidhean a' choronabhìorais.
Chaidh cuid de bhacaidhean a thogail an sin bho chionn dà uair an uaireadair.
Ach, ged a tha fàilte ga chuir air an seo, tha an dà chuid Comhairle nan Eilean Siar agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' cur ìmpidh air muinntir an àite a bhith faiceallach agus na bacaidhean a tha fhathast an sàs a' leantainn.
Tha an aithris seo aig Ruairidh Rothach.