Bile Dìon nan Stoc
Ma dh'fhaoidte gun tèid càin luach suas ri dà fhichead mìle not agus, air a neo, binn bliadhna sa phrìosan a chuir air daoine an Alba a leigeas len cuid choin milleadh a dhèanamh air beathaichean.
Chaidh Bile Dìon nan Stoc tro Holyrood an-diugh as dèidh dha taic thar-phàrtaidh fhaighinn.
Tha dùil gun tèid am bile a chuir ann an lagh san Dàmhair, mar a tha am fear-naidheachd poilitigeach againn Darren Linc a-nis ag aithris.