Iarrtas son Urras Gàidhlig sna h-Eileanan

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba nach eil planaichean aca, aig an ìre seo, Urras Gàidhlig a stèidheachadh anns na h-Eileanan an Iar.

Tha seo a' tighinn as dèidh do bhuidheann-iomairt ùr air a bheil 'Guth nan Siarach' co-dhùnadh iarradh bhuapa.

Tha àsan dhen bharail nach ei an taic ùr a dh'ainmich an Riaghaltas agus Bòrd na Gàidhlig bho chionn ghoirid idir stèidhichte air feumlachdan dhaoine anns na h-Eileanan.

Dh'innis Ceannard Bhòrd na Gàidhlig gur ann as dèidh chòmhraidhean le daoine sna coimhearsnachdan Gàidhlig a chaidh an taic tha sin a chuir air dòigh, agus thug i cuireadh do bhuill na buidhne coinneachadh rithe.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.