Brùra air a’ chùis a dhèanamh air Hearts
Abair gun robh brouhaha ann am Brùra oidhche Mhàirt.
Chuir an cluba bho Lìog na Gaidhealtachd Hearts a-mach à Cupa na h-Alba 2-1 san dàrna chuairt.
Bha coltas ann gun robh Christophe Berra air na Jambos a shàbhaladh is e gan toirt co-ionnan le 20 mionaid air fhàgail.
Ach bhuanaich an Leòdhasach Màrtainn MacIlleathain an geàma dha Brùra còig mionaidean an dèidh sin.
Tha tuilleadh aig Doneil MacLeòid.