Gartain nan eilean

Tha rannsachadh ùr, ag ràdh gur dòcha gur i an t-sìde fhliuch an cois na mara is coireach gu bheil gartain cho pailt anns na h-eileanan.

Tha an gartan, a bhitheas a giùlain an tinneas Lyme, cumanta gu leòr ann an coilltean air tìr-mòr.

Ach tha cùisean den tinneas suas ri 40% nas bitheanta air cuid a dh'eileanan na tha 'san fharsaingeachd air tìr-mòr na h-Alba.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill