Naidheachdan 11:00m

Deasbad an Taghaidh

Ghabh ceannardan nan còig pàrtaidhean as motha pàirt an-raoir sa chiad deasbad telebhisein ro thaghadh Holyrood anns a' Chèitean. Bha a' mhòr-chuid den deasbad mu referendum agus ath-bheothachadh an dèidh a' Phandemic. Cha robh àite san deasbad aig Ailig Salmond, a chuir pàrtaidh ùr air bhonn an t-seachdain seo chaidh a nì iomairt airson neo-eisimeileachd.

Cinneadh

Thàinig ath-sgrùdadh farsainn do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dhan cho-dhùnadh nach eil cinneadh, no gràin-cinnidh, cho cudromach ann an neo-ionnanachd shòisealta ann am Breatainn. Thuirt an Coimisean nach eil fianais sam bith ann gu bheil gràin-cinnidh stèidhichte san dùthaich, agus gu bheil cùisean mar ìrean sòisealta agus cruth teaghlaich a' cur a' cheart uimhir ri trioblaidean le neo-ionnanachd.

AstraZeneca

Chuir Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, dìon air a' cho-dhùnadh nach bi a' faighinn banachdach AstraZeneca ach an earrann den t-sluagh a tha nas sine na 60. Tha a' Ghearmailt a' rannsachadh ceangail a dh'fhaodadh a bhith ann ri cnapan anns an fhuil, ged a tha ùghdarrasan meadaigeach an Aonaidh Eòrpaich, agus Buidheann Slàinte na Cruinne, ag ràdh gu bheil a' bhanachdach sin sàbhailte.

An Eaconomaidh

Tha na figearan as ùire ag ràdh gun tàinig seargadh nas motha na bha dùil an toiseach air eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte sa chiad Ghlasadh, ach gun do thill i gu làidir ro dheireadh 2020. Tha Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun robh crìonadh 19.5% ann an toradh GDP eadar an Giblean 's an t-Ògmhios an-uiridh, ach gun tàinig àrdachadh 16.9% agus an uair sin 1.3% anns an dà chairteal mu dheireadh den bhliadhna.

Bàtaichean-aiseig

Tha tuilleadh maill air an dà bhàt-aiseig ùr do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn agus Fergusson Marine ag ràdh gu bheil e a' faileachadh orra luchd-obrach fhastadh. Bha a' chompanaidh an dòchas 120 eile de luchd-obrach a thoirt dhan ghàrradh air Chluaidh gus am biodh iad ag obair seachd là san t-seachdain, ach cha robh ann ach 29 duine air an deireadh-sheachdain seo chaidh.