Naidheachdan 11:00m

Bacaidhean

Tha cead bho an-diugh aig sluagh na h-Alba siubhal air adhbhar nach eil deatamach taobh a-staigh na sgìre comhairle aca fhèin agus an teachdaireachd fuireach aig an taigh air atharrachadh gu fuirich ionadail. Bidh cead air fosgladh bho Dhiluain aig gnothachasan an leithid gruagairean, borbairean agus ionadan gàrraidh. Ach tha feadhainn a tha an sàs ann an gnìomhachas a tha fosgailte air an oidhche mar taighean-bìdh, taighean-seinnse agus clubaichean ag ràdh gu bheil iad ann an èiginn agus feumach air tuilleadh taic. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun deach taic a thoirt dhaibh.

Turasachd

Tha dragh air feadhainn a tha ri turasachd anns na h-eileanan gun tèid am fàgail air dheireadh nuair a thèid tuilleadh de na bacaichean siubhail a thogail ann an Alba air an 26mh den mhìos seo. Cha robh guth ann an fhiosrachadh as ùire an t-seachdain seo bho Riaghaltas na h-Alba air siubhal neo-dheatamach a cheadachadh eadar tìr-mòr agus na h-eileanan. Tha buidhnean gnìomhachais ann an Eileanan Earra-Ghàidheil, na h-Eileanan Siar agus an Arcaibh ag ràdh gu bheil lèirmheas ga dhèanamh orra agus gu bheil iad a' call nam milleanan notaichean.

Ceadan-siubhail banachdaich

Thug còrr is 70 ball-pàrlamaid bho ghach pàrtaidh rabhadh dhan Riaghaltas ann an Westminster gun siostam ceadachd banachdaich, vaccine passports, a stèidheachadh ann an Sasainn. Tha seann cheannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, agus seann cheannard nan Tòraidhean, Sir Iain Duncan Smith, nam measg. Tha iad ag ràdh gum biodh siostam, far am biodh dearbhadh air banachachd a dhìth airson faighinn gu cosnaidhean, seirbheisean agus goireasan eile, a' dèanamh lèirmheas agus sgaradh.

Taiwan

Chaidh 36 duine air a' char as lughda a mharbhadh nuair chaidh trèana far na rèile ann an tunail ann an Taiwan. Tha luchd-teasargainn a' feuchainn ri cobhair a dhèanamh air trì fichead duine sa deich a tha fhathast glaicte san trèana.

Iomairt an Eilein

Tha buidheann ùr anns an Eilean Sgitheanach a' togail dragh mun t-suidheachadh anns a bheil daoine òga san eilean. Tha Iomairt an Eilein ag iarraidh air na pàrtaidhean poileataigeach agus air na h-ùghdarrasan mothachadh dhan t-suidheachadh anns a bheil Sgitheanaich òga nach fhaigh dachaigh leis cho àrd 's tha prìsean. Tha iad cuideachd ag iarraidh tuilleadh taic dhan Ghàidhlig anns an Eilean Sgitheanach.