Naidheachdan 11:00m

Bacaidhean

Chaidh tuilleadh bhacaidhean Covid a' lagachadh an-diugh le ionadan-gàrraidh agus gruagairean a' fosgladh uair eile. Faodaidh gnothachasan a tha a' gearradh iuchraichean agus a tha a dèanamh càraidhean eleactronaigeach cuideachd fosgladh, an cuide ri cuid de bhùithean DIY agus bùithean chàraichean. Agus tha cead a-nis aig barrachd oileanaich a-dhol air ais dhan t-seòmar teagaisg, ach tha ìmpidh fhathast ga chuir air daoine fuireach am broinn na sgìre comhairle aca fhèin.

Làithean-saora

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil e ro thràth fhathast beachdachadh air làithean-saora thall-thairis a cheadachadh. Thàinig a leithid bho Rùnaire na Slàinte ann an Alba, Jeanne Freeman, agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gus innse mar a thèid siubhal neo-riatanach eadar-nàiseanta a thòiseachadh uair eile ann an Sasainn, nas fhaide air adhart air a' bhliadhna. Tha dùil gur e siostam 'solais trafaig' a thèid a chuir an sàs.

Deuchainnean Covid-19

Dh' innis Riaghaltas na h-Alba gum beachdaich iad air buaidh an naidheachd gum faigh muinntir Shasainn dà dheuchainn airson a' choròna-bhìorais san t-seachdain - fiù 's mura bheil comharran den bhìoras orra. Bho Dhihaoine, faodaidh a h-uile duine ann an Sasainn na deuchainnean fhaighinn an-asgaidh. Gheibh iad toradh nan deuchainnean taobh a-staigh leth uair a thìde.

Deoch làidir

Thàinig rabhadh bho Cholaiste Rìoghail nan Leighis-inntinn gur mathaid gun tig àrdachadh anns na h-àireamhan de dhaoine a' fulang le droch-shlàinte co-cheangailte ri buaidh na dibhe, agus an lockdown a' tighinn gu crìch. Tha an rannsachadh as ùire bho charthannasan a' dèiligeadh ri buaidh na dibhe, a sealtainn gu bheil daoine air a bhith ag òl torr a bharrachd 's a bhliadhna a chaidh seachad. Tha an riaghaltas a' moladh nach bu chòir do dh' fhireannaich agus boireannaich barrachd air ceithir 'unit' deug de dheoch-làidir òl san t-seachdain.

Bàs leanabh

Chaidh fireannach a chuir an grèim le na poilis as dèidh mar a bhàsaich leanabh a bha dà sheachdain a dh' aois às dèidh do chàr buaileadh anns a phram anns an robh e. Thuirt na poilis gun do bhuail càr BMW am pram ann am baile Brownhills, ann an Walsall, às dèidh dha buaileadh ann an carbad eile.

Rabhaidhean Sìde

Thàinig rabhadh bho na poilis ann an Arcaibh gum faodadh deigh agus sneachda buaidh a' thoirt air na rathaidean an sin. Tha busaichean dheth, agus tha na h-aiseagan eadar na h-eileanan agus tìr-mòr air an cuir dheth, neo le dàil orra. Agus tha aiseagan ChalMac cuideachd bho bhuaidh na h-aimisire, agus grunn sheirbhisean air an cuir dheth, le slighe Ulapul gu Steòrnabhagh nam measg. Thoiribh sùil air làrach-lìn ChalMac airson tuilleadh fiosrachaidh.