Naidheachdan 11:00m

Tha Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, air aideachadh gun deach mearachd a dhèanamh nuair a chaidh euslaintich a chur a-mach às an ospdal gu dachaighean-cùraim as aonais deuchainnean sam bith an-uiridh. Thuirt i nach robh tuigse ceart aig an riaghaltas ann an Alba air feumalachdan roinn a' chùraim tron phandemic. Chaochail an treas cuid dhe na fhuair bàs le Covid-19 ann an Alba uile gu lèir ann an dachaighean-cùraim.

Tha sgrùdadh bho Bhuidheann Slàinte a' Phobaill ann an Sasainn a' dèanamh dheth gu bheil prògram na banachdaich an aghaidh Covid air bacadh a chur air bàs còrr air 10,000 duine a tha nas sine na aois trì fichead an sin . Chaidh còrr air 15,000,000 dòs den bhanachdaich a thoirt do dh'inbhich dhen aois sin ro dheireadh na mìos a chaidh seachad.

Tha a' chompanaidh Jet2 ag ràdh gu bheil iad a' cur dheth a bhith a' tòiseachadh nan seirbheisean adhair agus na làithean-saora aca a-rithist chun an 23mh den Ògmhios. Thuirt iad gun robh iad air briseadh-dùil dha-rìribh fhaighinn le cion soilleireachaidh agus cion mìneachaidh agus thuirt iad gun robh molaidhean an raighaltais cha mhòr mac-samhail mar a bha iad bho chionn sia mìosan air ais.

Tha poilis ag ràdh gun do dh'fhuiling boireannach a chaidh a lorg agus i air a murt na dachaigh fìor dhroch ionnsaigh. Chaidh corp Jacqueline Grant a bha 54 a lorg na dachaigh air Cumlodden Drive ann an sgìre Maryhill de Ghlaschu feasgar Dimàirt. Dhearbh na poilis gu bheil iad air sgrùdadh muirt a thòiseachadh.

Chaidh mu 16,000 duine òrdanachadh na dachaighean aca fhàgail air eilean St Vincent anns a' Charibbean agus cunnart ann gun spreadh bholcàno an sin. Thuirt na h-ùghdarrasan gun robh deagh theansa gum biodh spreadhadh ann. Thèid fasgadh eadar-amail a thoirt do dhaoine a tha a' fàgail na sgìre as fhaisge air làimh ann an soithichean mòra luchd-turais agus cuideachd ann am pàirtean eile den eilean, a tha nas sàbhailte. Spreadh am bholcàno ann an 1902 agus chaidh còrr air 1,000 duine a mharbhadh an nuairsin.

Tha ceannard Chorea a Tuath, Kim Jong-un, air rabhadh a thoirt mu amannan duilich air thoiseach. Tha buidhnean chòraichean daonna ag ràdh gu bheil cion a' bhìdhe gu bhith na thrioblaid mhòr dhan dùthaich a' dol air adhart. Rinn Mgr Kim coimeas eadar an suidheachadh anns a bheil iad an-dràsta agus goirt uabhasach a bha an sin anns na naodhadan.