Cuairt dheireannach Chupa na h-Alba

Ged nach eil ach beagan is còig mìosan ann bho chaidh a bhuannachadh mu dheireadh, thèid cuairt dheireannach Chupa na h-Alba a-rithist a chluich Disathairne.

Bidh Hibs an aghaidh St Johnstone aig Pàirce Hampden, agus tha Alasdair MacIllinnein air a bhith a' bruidhinn ri cuid de luchd-taic nan clubaichean air thoiseach air a' gheama mhòr.