Soirbheachas dha Christina NicCoinnich

'S i Christina NicCoinnich à Leòdhas a-nis am boireannach as luaithe a-riamh a chaidh air baidhseagal eadar Land's End agus Taigh Iain Ghròit.

Chuir i crìoch air an dùbhlan madainn an-diugh ann an 51 uairean a thìde, 5 mionaidean 's 27 diogan.

Bha Eileen NicDhòmhnaill am measg na chuir fàilte oirre ann an Taigh Iain Ghròit.