Naidheachdan 11:00m

Deuchainnean

Dh'innis Rùnaire an Fhoghlaim, Shirley-Anne Somerville, gu bheil dùil tilleadh gu deuchainnean mar as àbhaist ann an sgoiltean na h-Alba an ath-bhliadhna. Thuirt i gum bi na deuchainnean sin ann as t-Earrach ma bhios sin sàbhailte. Chuir am pandemic às dha na deuchainnean foirmeil am-bliadhna agus an-uiridh. Tha plana ann fhathast gè-ta airson siostam measaidh nam b' e agus gun cuireadh Covid maill a-rithist air deuchainnean.

GERS

Chuir am pandemic còrr is £17bn ri cosgaisean Riaghaltas na h-Alba air a' bhliadhna ionmhais mu dheireadh. Thug sin cosgais air geach pearsa bho £15,000 duine gu còrr 's £18,000. Bha nas lugha teachd a-steach aig an Riaghaltas agus tha easbhaidh na dùthcha, sin a' bheàrn eadar cosgaisean poblach agus teachd a-steach tro chìsean, suas gu 22% seach 9% air a' bhliadhna mus do thòisich am pandemic.

Afganastan

Dh'fhosgail Boris Johnson deasbad ann an Taigh nan Cumantan mun Taliban a' tilleadh gu cumhachd ann an Afganastan. Bha an seòmar làn airson a' chiad uair bho thràth anns a' phandemic an-uiridh. Thuirt e nach robh dad a dhùil gun tuiteadh feachdan an riaghaltais ann an Afganastan cho luath 's a rinn iad ach chaidh e às àicheadh gun robh fàilligeadh ann an ullachadh Bhreatainn mu choinneimh sin. Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an-raoir gu bheil iad an dùil 20,000 Afganach a thoirt a Bhreatainn air an ath chòig bliadhna. Tha dùil ri mu 5000 den fheadhainn as motha ann an cunnart bhon Taliban air a' chiad bhliadhna den sgeama.

Iasgach

Tha buidhnean àrainneachd a' cur cuideim air gnìomhachas an iasgaich gearradh air ais air truailleadh carbon. Tha an WWF, Comann Dìon na Mara agus an RSPB air aithisg fhoillseachadh a tha a' cumail a-mach gu bheil cabhlach iasgaich na Rìoghachd Aonaichte a' crùthachadh a cheart uimhir de charbon dà-ogsaid 's tha 110,000 dachaigh agus gu bheil cron air grunnd na mara a' sgaoileadh charbon dhan iarmailt. Dh'aidich ceannardan an iasgaich gum feum an dòighean-obrach atharrrachadh, ach thuirt iad nach eil an làrach carbon a tha an gnìomhachas a' fagail faisg cho dona 's tha luchd-glèidhteachais ag ràdh.

Rathaidean

Rinn buidheann iomairt ann an Gallaibh gearan ris an Ombudsman mu dhroch staid nan rathaidhean. Tha Caithness Roads Recovery ag ràdh nach eil Comhairle na Gàidhealtachd a' càradh nan rathaidhean mar bu chòir agus gu bheil iad e a' sìor fhàs nas miosa. Thuirt a' Chomhairle gu bheil na tha iad a' cosg air rathaidhean Ghallaibh a rèir 's na tha iad a' cosg ann an sgìrean eile agus stèidhichte air an tha iad a' faighinn de dh'airgead bho Riaghaltas na h-Alba.