Mì-thoileachas mun Rest and Be Thankful

Tha mì-thoileachas an Earra-Ghàidheal mu cho fada 's a tha e a' toirt fuasgladh fhaighinn air suidheachadh an Rest and Be Thankful.

Aig coinneamh le Ministear na Còmhdhail Graeme Day an-diugh - chaidh innse do bhuidheann-strì de luchd-ghnothachais gur dòcha gun toir e suas ri ceithir bliadhna an rathad coilltearachd a leasachadh mar shlighe timcheall.

Ach a-rèir aithisg - is coltach gun gabhadh sin dèanamh taobh a-staigh trì miosan. Tha tuilleadh aig Andreas Wolff.