Naidheachdan 11:00m
Kabul
Chaidh iarraidh air Breatannaich a tha fhathast ann an Afganastan fuireach air falbh bhon phort-adhair ann an Kabul leis gu bheil dragh ann mu ionnsaighean ceannairc an sin. Tha na mìltean mòra a' feitheamh ri teicheadh à Afganastan mus tarraing na feachdan eadar-nàiseanta a-mach mar a tha dùil an ath-sheachdain. Thuirt Riaghaltas na h-Òlaind nach toir iadsan an còrr de mhuinntir na dùthcha acasan a-mach à Kabul an dèidh dha na Stàitean Aonaichte iarraidh orra luchd-obrach a thoirt air falbh. Dh'aidich oifigich anns an Òlaind gu bheil sin a' ciallachadh gun tèid feadhainn a bhuineas dhaibh fhàgail ann an Afganastan.
Na h-Uainich
Tha a h-uile coltas gum bi co-cheannardan a' Phàrtaidh Uaine ann an Alba nam ministearan anns an Riaghaltas ma 's e agus gun gabh iad ri aonta leis an SNP. Bidh buill a' Phàrtaidh Uaine a' bhòtadh an-earrar air an gabh iad ris an aonta sin. Ma ghabhas iad ris bidh dreuchd san Riaghaltas do Phàdraig Harvey agus Lorna Slater. Ged nach bi iad ann an caibineat Riaghaltas na h-Alba, bidh fiathachadh aca corra uair gu coinneamhan caibineit.
An Creideas Coitcheann
Tha rannsachadh ùr ag ràdh gun caill còrr is an treas cuid de theaghlaichean le cloinn mu £1,000 sa bhliadhna ma thèid na gearraidhean ris a bheil dùil air adhart aig deireadh na h-ath-mhìos. Thuirt Bunait Eòsaph Rowntree gur e sin a thachras ma bhios £20 nas lugha sa Chreideas Choitcheann ma thèid a thoirt air ais dhan t-suim a bh' ann ron phandemic. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach eil ann ach àrdachadh eadar-amail a thig gu ceann aig deireadh na Sultain.
New Zealand
Thuirt Prìomhaire New Zealand, Jacinda Ardern, gun cum i gu daingeann ris a' phlana airson cur às uile gu lèir do chùisean Covid, ged a tha mòran a' gearain gu bheil glasadh nàiseanta ann. Tha gnè Delta a' bhìorais air an sgapadh as motha fhathast a dhèanamh ann an New Zealand, le 277 cùis dearbhte.
An Càrn Gorm
Tha tuilleadh maill air fosgladh Rèile-beinne a' Mhonaidh Ruaidh às ùr. Bidh an rèile na tàmh airson geamhradh eile fhad 's a tha càradh a' dol air adhart, agus bidh foghar na h-ath-bhliadhna ann air a' char as tràithe mus fhosgail an rèile a-rithist.