Naidheachdan 11:00m

Afganastan

Thuirt Rùnaire an Dìon, Ben Wallace, gun sguir Breatainn a thoirt dhaoine a-mach à Afganastan an ceann beagan uairean de thìde. Tha an t-ionad ann an Kabul dùinte, agus thuirt e gum feuch iad a-niste ris a' 1,000 duine a tha am broinn a' phuirt-adhair an-dràsta a chur air plèana a-mach. Bha Mgr Wallace a' bruidhinn goirid an dèidh dhan Cheann-Suidhe Biden bòideachadh gun dèan Aimeireaga dìoghaltas airson an 13 duine de na feachdan aca a chaill am beatha anns na h-ionnsaighean ceannairceach air Port-adhair Khabul an-dè.

Fiosrachadh Pearsanta

Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèine gun deach a h-uile oidhirp a dhèanamh air cur às do dh'fhiosrachadh chudromach mus do theich luchd-obrach Ambasaid Bhreatainn ann an Kabul bho na Taliban. Tha aithrisean ann an-diugh gun deach pàipearan le fiosrachadh pearsanta mu Afganaich a bha ag obair do Bhreatainn fhàgail sgapte air feadh an togalaich. Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèine gun deach sàbhailteachd a thoirt do thriùir de na teaghlaichean sin a chaidh ainmeachadh ann an aithris sa phàipear-naidheachd an Times.

Crìonadh a' Chladaich

Tha luchd-saidheas ag ràdh gu bheil luach còrr agus £1bn de thogalaichean 's de bhun-structar ann an cunnart bho chrìonadh a' chladaich ann an Alba, agus an cultar agus dualchas a tha còmhla riutha. Tha rannsachadh ag ràdh gum faic, air an ath dheich bliadhna, a' mhòr-chuid de chladach na h-Alba buaidh atharrachadh na gnàth-shìde.

Covid

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gu bheil daoine air an tig Covid naoi tursan nas buailtiche cnapan-fala tighinn orra, seach daoine a gheibh banachdach. Rinn sgioba bho Oilthigh Oxford sgrùdadh air còrr is 29m duine a fhuair a' chiad dòs eadar an Dùbhlachd agus an Giblean. Fhuair iad gun robh, airson a h-uile millean duine, 107 a bharrachd a' dol dhan ospadal, no a' bàsachadh le sileadh fala an taobh a-staigh am bodhaige.

Trafaig Inbhir Nis

Bhòt comhairlichean ann an Inbhir Nis cur às dhan t-siostam rathaid aon-shlighe tro mheadhan a' bhaile. Ach chaidh innse do Chomataidh a' Bhaile gum bi dòcha deireadh na bliadhna ann mus till iad dhan dreach a bh' air ron phandemic.