9/11 ga chuimhneachadh: Gavin Cushny
Bhathas a' comharrachadh air an deireadh-sheachdain gu bheil 20 bliadhna air a dhol seachad bho thachair ionnsaighean an aona-là deug den t-Sultain anns na Stàitean Aonaichte.
Chaill cha mhòr trì mìle duine am beatha anns na h-ionnsaighean, agus nam measg, bha fear a bha a' fuireach ann an Nis ann an Leòdhas.
Bhàsaich Gavin Cushny san tùr a tuath de dh'Ionad Malairt na Cruinne, agus às dèidh dhan dust aige a bhith air a thoirt dhachaigh, chaidh a thìodhlacach ann an Cladh Thàboist.
Seo Anndra MacFhionghain.