Naidheachdan 11:00m

Drogaichean

Bha 722 bàs an Alba sa chiad leth den bhliadhna, is amharas ann gun robh ceangal aca ri drogaichean, a rèir nam figearan as ùire bho Riaghaltas na h-Alba. Sin naoi bàs nas lugha na an aon àm an-uiridh. Thuirt Ministear Poileasaidh nan Drogaichean, Angela Constance, gu bheil na figearan uabhasach uair eile, ach gu bheil an Riaghaltas a' dèanamh farsainneachd de rudan ann an oidhirp dèiligeadh ri "èiginn slàinte phoblaich" mar a ghabh i air. Bha a' chuid mhòr de bhàis ann am mòr-sgìre Ghlaschu, Siorrachd Lannraig, Dùn Èideann is Taobh Tatha.

Covid

Bheir am Prìomh Mhinistear fiosrachadh seachad aig Holyrood an-diugh mu shuidheachadh Chovid na h-Alba. Tha seo a' tighinn às dèidh do dh'oifigearan meadaigeach na Rìoghachd Aonaichte moladh banachdach dhan Choròna-bhìoras a thoirt do chloinn eadar 12 agus 15 bliadhna de dh'aois. Thuirt Nicola Sturgeon roimhe gum biodh Alba deiseil am moladh sin a chur an sàs cho luath 's a ghabhas nan tigeadh e.

Aig a' cheart àm tha dùil gun ainmich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun tèid banachdach "booster" a thoirt do dhaoine air feadh na dùthcha a tha nas sine na 50 bliadhna de dh'aois. Tha seo mar phàirt de phlanaichean airson smachd a chumail air a' Choròna-bhìoras thar mhìosan a' Gheamhraidh. Thathas a' tuigsinn gur e dòs de bhanachdach Pfizer a bhios ann, sia mìosan às dèidh an dàrna dòs.

Port-Fànais

Fhuair planaichean airson port-fànais air a' Ghàidhealtachd seachad air cnap-starra mòr laghail. Thug britheamh ann an Cùirt an Fhearainn cead seachad airson an dòigh sa bheilear a' cleachdadh talamh croite faisg air Tunga atharrachadh airson an t-ionad a thogail. Feumaidh am fearann mu chuairt na làraich fhathast a bhith ri fhaotainn 'son croitearan a chleachdadh ge-tà. Tha seo a' ciallachadh gur dòcha gum fàg na ciad rocaidean an t-ionad fànais ann an Cataibh bhon ath-bhliadhna.

Cion-cosnaidh

Sheall na figearan as ùire gun do thuit ìre a' chion-chosnaidh an Alba beagan sa chairteal mu dheireadh. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun robh an ìre eadar an Cèitean agus an t-Iuchar aig 4.3% - 0.1% nas ìsle na an dà mhìos ron sin. Tha sin nas lugha na ìre a' chion-chosnaidh air feadh na Rìoghachd Aonaichte, a th' aig 4.6%.