An Scarp: 50 bliadhna bho dh'fhàg na daoine

Tha leth-cheud bliadhna ann Diardaoin bhon a dh'fhàg na daoine mu dheireadh an Scarp, far chosta an iar na Hearadh.

Dìreach mar a bha muinntir Mhiùghalaigh agus Hiort, bha an saoghal ro dhoirbh dhaibh is beatha ùr ag èigheach.

Dh'fhàg sinnsearan Karen NicIllInnein an Scarp agus fhuair iad dachaigh ann an Gòbhaig sna Hearadh.

O chionn grunn bhliadhnaichean, fhuair i cothrom an uair sin tilleadh le fear bho na teaghlaichean mu dheireadh a dh'fhalbh.