Port Àird nan Saor ga chur gu dol a-rithist

Tòisichidh obair anns an aithghearrachd airson Port Àird nan Saor fhosgladh a-rithist.

Ruithidh am pròiseact, luach £20m, airson naoi mìosan an toiseach gus gainmheach a ghlanadh anns a' phort.

Tha an fheadhainn aig a bheil sealbh air an làraich an dòchas beatha eile a thort do chlàran ola airson an cleachdadh mar structaran air an suidh crainn-gaoithe.