Naidheachdan 11:00m
Bustairean
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba Nicola Sturgeon gu bheil an Riaghaltas ag amas air bustair na banachdaich a thabhann air a h-uile duine nas sine na 18 bliadhna an Alba ro dheireadh na bliadhna. Tha sin an dèidh do Bhoris Johnson innse gu bheil an aon seòrsa sgeama a' tòiseachadh ann an Sasainn. Agus bho an-diugh tha cead aig daoine an Alba a tha nas sine na 30 bliadhna an treas dòs iarraidh, agus dragh ann mun dòigh anns a bheil an srèana Omicron a' sgapadh.
Bacaidhean
Thuirt Rùnaire na Slàinte, Humza Yousaf, gu bheil a h-uile dùil ri tuilleadh bhacaidhean Covid an Alba. Coinnichidh Nicola Sturgeon ris a' Chaibineat aice sa mhadainn a-màireach a dheasbad freagairt an Riaghaltais dhan àrdachadh ann an cùisean Omicron mus toir i fiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba feasgar. 'S tha gnìomhachas na h-aoigheachd ag ràdh a-rithist gum feum iad tuilleadh taic-airgid 's iad a' fulang às dèidh comhairle nach bu chòir do dhaoine a bhith a' cumail dhinnearan agus phàrtaidhean Nollaige.
Sgoiltean
Thuirt aonadh an luchd-teagaisg an EIS gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air sgoiltean a dhùnadh nas tràithe ron Nollaig. Tha na h-uimhir de chùisean de dh'Omicron air nochdadh ann an sgoiltean a' toirt iar clasaichean gluasad gu oideachadh air-loidhne. Thuirt Àrd-Rùnaire an EIS, Larry Flannigan, gum bu chòir dha na sgoiltean dùnadh aig deireadh na seachdain seo airson làithean-saora na Nollaige agus as Bliadhna Ùire.
Tubaist Mara
Tha dithis a dhìth an dèidh do bhàta-bathair Bhreatannach agus bàta às an Danmhairg bualadh na chèile sa Mhuir Bhaltaich far chosta na Suaine. Bha an dithis a th' air chall air a' bhàta às an Danmhairg air an deach car. Tha am bàta eile, an Scot Carrier, clàraichte ann an Inbhir Nis agus tha a criutha slàn sàbhailte.
Neo-dhearbhte
Thòisich Riaghaltas na h-Alba air co-chomhairle phoblaich air a' bhinn "neo-dhearbhte" ann an lagh na h-Alba. 'S e saoradh bho chasaid a tha sin. Ach tha rannsachadh a' sealltainn gu bheil mì-chinnt am measg dhiùraidhean mu chiall na binne sin. Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheileas a' cleachdadh na binne sin cus ann an cùisean èigneachaidh, ged a tha àrd-luchd-lagha a' dol às àicheadh sin.