Ùidh sa Ghàidhlig ann an Aimeireaga a Tuath

Tha àireamh nam buidhnean ionnsachaidh Gàidhlig ann an Aimeireaga a Tuath air a dhol am meud, is ùidh sa chànan ga bhrosnachadh le prògraman Outlander agus lìonraidhean air-loidhne a thàinig am bàrr tron phandemic.

Sin a rèir na buidhne An Comunn Gàidhealach Aimeireaganach.

Fhuair rannsachadh a rinn iad gu robh mu 20 "coimhearsnachd ionnsachaidh" Ghàidhlig ann, le buidhnean ùra air nochdadh bho chionn ghoirid ann am Baltimore, Oklahoma, Utah, agus Kentucky.

Le tuilleadh, seo Ruairidh MacÌomhair.