Naidheachdan 11:00m
Bacaidhean
Thàinig rabhadh bho Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba gum faodadh tuilleadh bhacaidhean Covid a bhith ann ron Nollaig a rèir 's mar a ghluaiseas srèana ùr Omicron a' bhìorais. Bha John Swinney a' bruidhinn an dèidh dhan Phrìomh Mhinistear Nicola Sturgeon comhairle ùr fhoillseachadh an-dè ag iarraidh cruinneachadh sòisealta a chuingealachadh gu trì dachannan aig aon àm. Dh'iarr i cuideachd air bùthainnean agus gnothachasan aoigheachd tilleadh gu astarachadh sòisealta agus sgrìonaichean dìon.
Omicron
Agus dh'innis àrd-oifigeach buidheann tèarainteachd slàinte na Rìoghachd Aonaichte do bhuill-phàrlamaid gu bheil a h-uile coltas gur e Omicron an cunnart as motha bho thòisich am pandemic. Thuirt an Dr Jenny Harries na fianais do Chomataidh na Còmhdhail ann an Taigh nan Cumantan, gu bheil ìre Omicron a' dùblachadh ann an ùine nas giorra na dà là anns a' mhòr-chuid den Rìoghachd Aonaichte.
Boris Johnson
Tha tuilleadh teagamh ann an ùghdarras Bhoris Johnson mar Phrìomhaire an dèidh do dh'aon duine gann air a' cheud de na cùl-bheingearan Tòraidheach bhòtadh an aghaidh teisteanasan banachdaich ann an Sasainn. Cha d' fhuair am moladh troimhe ach le taic nan Làbarach, a tha a-niste a' fàgail air Mgr Johnson gu bheil e ro lag airson obair bhunaiteach an Riaghaltais a dhèanamh.
Ìre na h-Atmhorachd
Dh'èirich cosgais bith-beò aig an ìre as luaithe ann an deich bliadhna 's an atmhorachd a-niste aig 5.1%. Thuirt Oifis nan Staitstig Nàiseanta gur e àrdachadh mòr ann an cosgaisean connaidh agus còmhdhail a dh'adhbharaich sin. Tha ìre na h-atmhorachd a' cur ris an deasbad air am bu chòir ìre an rèidh àrdachadh.
Bòrd Slàinte na Gàidhealtchd
Thuirt cathraiche Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd, an t-Oll. Boyd Robasdan, nach fheum iad taic bho Riaghaltas na h-Alba airson am buidseat a chothromachadh am-bliadhna, ged a dh'fheumas iad £33m a chùmhnadh. Tha sin a dh'aindeoin rabhadh ann an aithisg Àrd-Neach-Sgrùdaidh na h-Alba gu bheil dùbhlan airgid mu choinneimh a' bhùird. Tha an aithisg ag ràdh cuideachd gun tàinig piseach air dòighean-obrach, ceannas agus cultar NHS na Gàidhealtachd.
Star Hobson
Thèid binn air boireannach à Taobh Siar Yorkshire an-diugh a mhuirt nighean bheag a càraid. Cha robh an leanabh, Star Hobson, ach 16 mìosan de dh'aois. Chaidh Savannah Brockhill a dhìteadh an-dè ann an Cùirt a' Chrùin ann am Bradford còmhla ri màthair na h-ìghne, Frankie Smith, a chaidh fhaighinn ciontach fo chasaid gun do cheadaich i bàs na h-ìghne aice.