Highlands & Islands

Bliadhna prìosain air drabastair às Inbhir Theòrsa

Chaidh fear às Inbhir Theòrsa a thug sreath de dh'ionnsaighean drabasta air nighean òg thairis air 11 bhliadhna, a chur don phrìosan airson 12 mìos.

Thòisich Dàibhidh Coinneagan, a tha 33, air na h-ionnsaighean a thoirt nuair a bha an nighean còig bliadhna de dh'aois, agus a bha e fhèin 17.

Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann gun do thachair na h-ionnsaighean iomadach turas eadar 1996 agus 2007.

Chaidh Coinneagan, a tha a' fuireach ann am Plàs Thormasdail ann an Inbhir Theòrsa, a dhìteadh air dà chasaid gun robh e ri baoiseachd, mì-chneas agus drùiseachd.

Nochd a' chùis ron Àrd-Chùirt ann an Inbhir Nis san t-Sultain.

Dh'innis fear-lagh an dìon don Chùirt gun robh Choinneagain duilich mu na thachair.

Bidh ainm air Clàr nan Drabastairean fad deich bliadhna.