Highlands & Islands

Moladh son aon cheannard son dà àrd-sgoil Leòdhasach

Àrd Sgoil Mhic Neacail
Image caption Tha a' chomhairle a' feuchain ri £6 millean not a shàbhalladh anns an dà bhliadhna a tha romhain.

Nochd draghan ann an Nis mu mholaidhean Comhairle nan Eilean Siar an t-uallach son ceannas Àrd-Sgoil Lionail ann an Nis a ghluasad gu Àrd-Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.

Tha na molaidhean seo a' nochdadh an cois iomadh moladh eile a tha Comhairle nan Eilean Siar air a chur rompa airson sàbhalaidhean de cha-mhòr £6m a dhèanamh thairis air an dà bhliadhna a tha romhainn.

Mar phàirt dheth sin, feumaidh Roinn an Fhoghlaim na gearraidhean aca fhèin a dhèanamh agus tha iad a' coimhead ris a' cheannard-sgoile a thoirt air falbh bho Àrd-Sgoil Lionail agus an t-uallach airson na sgoile a ghluasad fo smachd Cheannard neo Leas-Cheannard Àrd-Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.

Buaidh air Foghlam

Tha iad ag ràdh gur e ''hub'' an uair sin a bhiodh ann an Lionail.

Tha seo a' tachairt mar thà, le aon cheannard-sgoile os cionn barrachd air aon sgoil, mar eisimpleir tha aon cheannard eadar bun-sgoiltean Ùig' agus Bhreascleit, 's tha aon neach cuideachd os cionn sgoiltean a' Bhac agus Tholastaidh.

A rèir na Comhairle, tha cùisean anns na sgoiltean sin ag obair gu math agus tha iad a-nis a' coimhead air an aon rud a dhèanamh ann an àiteachan eile.

Mì-thoileachais

Tha mòran ann an sgìre Nis air draghan a thogail mu na molaidhean seo 's a' bhuaidh a bheir e air foghlam, tha cuid eadhon ag ràdh gur e ceum a bhiodh seo mu choinneamh Àrd-Sgoil Lionail a dhùnadh.

Chaidh coinneamh a chumail ann am Borgh an t-seachdain seo agus bha tòrr an sin mì-thoilichte gun deach an sgoil seo a chomharrachadh mar phàirt de na sàbhalaidhean.

Tha an t-ùghdarras ionadail a' dèanamh co-chomhairleachaidh air na molaidhean aca air fad an-dràsta, agus tha cothrom aig daoine am beachdan a thoirt seachad.

Tha dùil an uair sin ri co-dhùnadh deireannach air na gearraidhean a thèid a chur an sàs leis a' Chomhairle anns a' Ghearran an ath-bhliadhna.