Highlands & Islands

Sianar a dhìth sa Mhonadh Ruadh

Tha iomairt theasairginn mhòr a' dol sa Mhonadh Ruadh, agus sianar luchd-coiseachd a dhìth.

'S iad Poilis a' Chinn a Tuath a tha air ceann na h-iomairte, a thòisich oidhche Dhòmhnaich nuair nach do nochd iad nuair a bha dùil riutha.

Tha sgiobannan teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh, Achadh Dà Dhòmhnaill, RAF Luachair, RAF Inbhir Lòsaidh agus Bhràigh Mhàrr an sàs.

Tha na sgiobannan cuideachd a' cleachdadh chon-teasairginn.

Related Internet links

The BBC is not responsible for the content of external Internet sites