A' cuimhneachadh air an Iolaire

  • Published
Cladh
Image caption,
Chaill 205 duine am beatha ann an tubaist an Iolaire faisg air Steòrnabhagh is iad a' tilleadh dhachaigh bho uabhas a' Chogaidh Mhòir.

Tha an obair gus 100 bliadhna a chomharrachadh bhon a thachair tubaist an Iolaire air gluasad air adhart.

Tha iarrtas cead-dealbhachaidh air a dhol a-steach agus tha an obair gus an làrach a leasachadh do charbadan agus slighe coiseachd a chàradh deiseil airson a dhol a-mach gu tairgse.

Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil buidheann-stiùiridh na pròiseict air aonta fhaighinn leis an fheadhainn aig a bheil an talamh agus gu bheil iad soilleir air mar a thèid iad air adhart leis an sin agus gum bi barrachd chòmhraidhean ann mu dheidhinn anns na seachdainnean a leanas.

Image caption,
Thathas an dùil a' charragh-chuimhne seo agus an talamh mun cuairt oirre a sgeadachadh is a leasachadh gus an tèid na 100 bliadhna a chomharrachadh.

''Se seo fear dha na rudan a th' air a bhith cho dòrainneach ann an eachdraidh nan eilean, a bharrachd air iomadach rud eile, agus bha sinn a' faicinn daoine an dèidh dhaibh a bhith ceithir bliadhna an sàs sa Chogadh Mhòr agus iad a' tighinn air ais 's iad a' smaointinn gun robh iad slàn sàbhailte agus a' call am beatha air na cladaichean againn fhìn.''

''Tha mi a' smoineachadh gun tug seo buille mhòr air a' choimhearsnachd air fad - chan e a-mhàin an fheadhainn a bhuineadh dha daoine a chaidh a chall, ach a' choimhearsnachd air fad agus tha mi smaoineachadh gu bheil e iomchaidh dha-rìribh gur e seo an tachartas mu dheireadh dha na tachartasan cuimhneachaidh airson a' Chiad Chogaidh.''

Tha obair a' dol cuideachd leis na comainn eachdraidh agus sgoiltean air feadh nan eilean a bhios mar phàirt dhan tachartas.

Tha dùil gum bi a' bhuidheann a tha a' stiùireadh na h-obrach a' coinneachadh gach cola-deug bho mheadhan na Sultaine.

Bhuail an Iolaire ann am Biastan Thuilm faisg air Steòrnabhagh madainn Là na Bliadhn' Ùire 1919 agus i a' tilleadh le seòladairean bhon Chogadh Mhòr.

Chaill 205 den na bh' air bòrd am beatha.